top of page

Marcas Mac an Tuairneir

  • Writer: Marcas Mac an Tuairneir
    Marcas Mac an Tuairneir
  • Jul 17, 2020
  • 1 min read

Updated: Sep 30, 2020

Às a' Cheò

A-mach às a' cheò, choisich dà chòta throm, le bragan shàilean beaga air na leacan, a' teannachadh ri Stèisean Bus Bhochanan. Beannag air gach tè agus rùn ga roinneadh eadarra, ghabh iad fois bhon dìle, ga shèideadh a-steach bho Shràid Killermont. Choimhead tè diubh a h-uaireadair. Beagan ro làimh, ach am bus a' tighinn a-staigh, romhpa, gus cala tarmac a ruighinn. Cha dèanadh Highland Time a' chùis, an triop-sa, ach thog iad orra, uair eile is na dorsan a' luaisgeadh, le mèaran loinidean, Màthraichean a' cur fàilte air nighean no dithis. Mac is trusgan air, 's e air tilleadh bhon nèibhi agus, an crochadh aig cùl an t-sluaigh, thog tèile a' cheann gus bob bàn a sgrùdadh, a brògan cùirte is froga fhuaireas am boutique Lunnainn, a' teàrnadh nan ceumannan. Seo i, ars and dàrna tè, ga cuideachadh le màileid throm, an dòchas gun gearradh choibhneis tron iongantas a' lìonadh a gnùis. "Na gabh dragh" ars an tèile le blas Sgitheanach, "ach an robh thu riamh den bheachd a bhith nad thidsear Ghàidhlig?"


Comments


© 2023 by ENERGY FLASH. Proudly created with Wix.com

bottom of page