top of page

Maoilios Caimbeul

  • Writer: Marcas Mac an Tuairneir
    Marcas Mac an Tuairneir
  • Jun 25, 2020
  • 1 min read

Cogadh an Dà Chànain

'S mi an leanabh sàraicht', an dithis gam altramas. Fhuair mi 'n t-uachdar om mhàthair ach om mhuime bainne lom.

Tha mo bheul sgìth de chich na tè ud, an sgalag! an tràill! a tha air iomadh muinntireas fhaicinn, a' reic a bainne ris a' mhòr-shluagh 's beag an t-iongnadh a cìoch a bhith cas. Tha a bainne geur a' dol tarsainn m' anail agus a' fàgail blas searbh na mo bheul. Cha ghabh im no càis' a dhèanamh dheth.

'S chan e sin, ach tha e sabaid airson uachdranachd air an stapag mhilis a tha daonnan nam bhràigh. Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991

留言


© 2023 by ENERGY FLASH. Proudly created with Wix.com

bottom of page