Fearghas MacFhionnlaigh
- Marcas Mac an Tuairneir
- Jun 25, 2020
- 1 min read
Tuiteam Icaruis I

Icarus sgitsifrìneach
sgiathan dubhdhòthte le amharas
a' sgreuchail tro neòil éitigh na h-aigne
gu ruige lumadheirg dhomhainn nam breug
ondhreag mheitifisigeach caoirgheal le cràdhshuathadh na bith a' dianthuirling tro strataispeur na h-inntinn gun chinnt ach do bhuidealaich fhèin
fèinigs spioradail ag éirigh à luaithre na h-inntleachd a' sigheadh mar leòmann cama-casi a dh'ionnsaigh lasair neo-bhàsmhoir Dhè
Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991
Comments